Tuesday, August 16, 2011

Oidhche Mhath Leibh (Good Night To You All)

Cha'n 'eil inneal ciùil a ghleusar,
Dhùisgeas smuain mo chléibh gu aoibh
Mar ni duan 'o bheòil nan caileag;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

'S guth gu 'm chridhe pong nan òran,
Caidir sòlais òigridh 'seinn;
Aiteal ciùin air làithean m'òige;
Sonas a bhi'n còmhnuidh leibh.

Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Mathair uisge 'n tobair fhìoruisg',
Cainnt ar sinnsir brìgh na loinn;
'S faochadh tlàth o ànradh m'inntinn,
'Nuair bheir rann na glinn a'm chuimhn'

Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Grian cha laidh an nochd air mìltean,
Leis am binn a fuinn 's a roinn,
'S do'm bi'n sgeul 'na mhór thoil-inntinn
Dh'innseas dhaibh gu'n robh sinn cruinn.

Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Astar cuain cha dean ar sgaradh,
'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt';
Gleidh an t-àgh na dh'fhàg a bheannachd;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Thuit ar crann air saoghal carach;
'S coma sud, tha 'mhaitheas leinn;
"Bidh sinn béo an dòchas ra-mhath,"
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

* note: if anyone has a translation of this, it would be much obliged. I'm working on it, but my Gaelic is not quite to this level yet.

No comments:

Post a Comment